Naidheachdan 11:00m

Gas

Dh'ainmich na Stàitean Aonaichte aonta airson gas a chumail ris an Aonadh Eòrpach gus nach bi uimhir de dh'fheum air connadh às an Ruis. Gheall an t-Aonadh Eorpach ron an seo gun geàrr iad air ais gu mòr air cumhachd às an Ruis mar fhreagairt do dh'ionnsaigh na Ruis air an Ucràin.

An Ucràin

Thuirt an Ruis gun do chur iad às dhan stòras connaidh as motha aig arm na h-Ucràin faisg air Kyiv. Thuirt fear-labhairt na Ruis gun do loisg iad a-raoir air an làraich le urchairean bho mhuir. Bhuail sligean Ruiseanach ann an togalach anns an robh cobhair ga roinn ann an Kharkiv, an dàrna baile as motha san Ucràin. Tha aithrisean ann gun deach ceathrar a mharbhadh an sin.

Luchd-iomairt

Chuir luchd-iomairt na gnàth-shìde, a tha a' togail fianais an aghaidh a' chogaidh anns an Ucràin, cearcall mu phrìomh oifisean companaidh longais mhòr eadar-nàiseanta, Seapeak, ann an Glaschu. Tha iad ag iarraidh air companaidhean longais sgur a ghiùlain gas agus iad ag ràdh gu bheil sin a' cur ri ionnsaigh na Ruis. Thuirt Seapeak gu bheil iadsan a' toirt a h-uile taic dhan luchd obrach aca air a bheil an cogadh a' toirt buaidh.

P&O

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Grant Shapps, gum bu chòir do dh'àrd-oifigeach na companaidh aiseig P&0 a dhreuchd fhàgail. Thuirt Mgr Shapps gur e cùis-nàire a th' ann gun do dh'aidich Peter Hebblethwaite do bhuill-phàrlamaid an-dè gun do bhrist P&O an lagh le faighinn cuidhteas ochd ceud den luchd-obrach gun bruidhinn ris na h-aonaidhean.

CalMac

Tha an t-aonadh RMT a' cur iomairt air bhonn an-diugh airson guth nas làidire dhan choimhearsnachd ann an ruith nan seirbheisean aiseig. Aig an dearbh àm, tha muinntir Thiriodh agus Cholla a' gearain ann am brath còmhla mu cho tric sa tha na seirbheisean acasan dheth. Tha gearain cuideachd ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich gu bheil an t-seirbheis eadar Malaig agus Armadal a' sìor fhàs nas miosa. Cha bhi an sin ach seirbheis do luchd-siubhail air chois, airson fad seachdain, agus am bàta as àbhaist a bhith ann san doca.

Fònaichean

Chaidh beàrn anns an lagh a dhùnadh agus faodaidh a-niste càin cho mòr ri mìle not agus sia puingean a dhol air cead-draibhidh duine a thèid a ghlacadh a' cluiche gheamachan neo a' togail dhealbhan air fòn-làimhe fhads a tha iad a' draibheadh. Thuirt comunn nan draibhearan, an AA, gun robh làn àm an lagh sin a neartachadh.