
An teine a' gabhail anmoch oidhche Dhiardaoin
Tha smàladairean a' strì ri falaisgear anns an Eilean Sgitheanach.
Tha sgiobannan le còig carbadan a' feuchainn ris smachd fhaighinn air an teine deas air Sgonnsair.
Chaidh fios a chur thuca gun robh teine ann an-dè, is grunn eile ga leithid an dèidh bhith air a' Ghàidhealtachd an t-seachdain-sa.
Thuirt Eòghann Mac a' Bhàird bhon t-seirbheis smàlaidh, a tha eòlaiche air falaisgearan, nach e rud neo-àbhaisteach a tha seo nuair a thig tiormachd mun àm-sa dhen bhliadhna.