Dragh mu ghràin-chinnidh an Lìog na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Baile ChèTùs an deilbh, Google

Thuirt Lìog na Gàidhealtachd gu bheil dragh orra mu ghràin-chinnidh san lìog às dèidh thachartasan anns na seachdainean mu dheireadh.

Dh'iarr iad air luchd-taic tighinn air adhart ma chluinneas iad dad den leithid aig geamaichean.

Bha connspaid às ùr ann air an deireadh-sheachdain is sgioba Hunndaidh ag innse gun robh neach-taic bho Bhaile Chè ri gràin-chinnidh an aghaidh aon de na cluicheadairean aca aig Pàirce Kynoch.

Thuirt Hunndaidh gur e sin an dàrna turas san t-seachdain mu dheireadh a thachair seo aig geama.

Casg

Dh'innis Baile Chè gu bheil iad air neach a chasg bho na geamaichean aca fad am beatha ri linn na thachair.

Thuirt Poileas Alba Diluain gun deach casaid a chur an aghaidh fireannaich, 84, ann an co-cheangal ri eucoir gràin aig Pàirce Kynoch Disathairne, is gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Thuirt Lìog na Gàidhealtachd ann am brath gu bheil pàtran gu math draghail de ghràin-chinnidh air a bhith ann anns na seachdainean mu dheireadh.

Thuirt iad gur e lìog a bh' ann bho thùs 'son a h-uile duine is le freumhan làidir sa choimhearsnachd. Agus nach eil àite idir ann 'son gràin-chinnidh anns an lìog no ann an àite sam bith eile.

Dh'iarr an lìog air duine sam bith a chluinneas gràin-chinnidh aig geamaichean fios a chur air na h-ùghdarrasan - is iad ag ràdh gum bi droch rudan a' maireachdainn mura bidh deagh dhaoine deònach an guthan a thogail.