Fhuaireadh smachd air teintean monaidh an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Teine

Chaidh teintean monaidh a bha a' gabhail ann an Leòdhas a chur às.

Dh'innis Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun d'fhuair iad smachd air teine mòr faisg air an Achadh Mhòr oidhche Luain.

Bha timcheall air 30 luchd-smàlaidh air a bhith a' strì ris an teine fad trì là is bha e aig aon àm a' sìneadh a-mach tarsainn air cilemeatair.

Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gun d'fhuair iad smachd air an teine is gun do dh'fhàg iad an làrach mu 9.35 oidhche Luain

Chuir iad às cuideachd teine mòintich eile faisg air Crosbost air na Lochan.

Bha luchd-smàlaidh cuideachd a' dèiligeadh ri teine monaidh aig Loch Creagach faisg air Tunga ann an Cataibh Diluain.

Sgaoil an t-seirbheis rabhadh oifigeil, taobh a-muigh an t-seachdain seo chaidh gu bheil cunnart mòr ann an-dràsta bho theintean monaidh leis an aimsir a th' ann is talamh tiorram.

Dh'innis iad gu bheil iad air a bhith a' strì ri teintean air feadh na h-Alba.

Tha an rabhadh ann gu Diciadain.