
Dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir.
Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gun tèid Dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh a dhùnadh.
Thug a' chompanaidh a tha a' ruith na dachaigh-cùraim, CrossReach, 13 seachdain de rabhadh don Bhòrd Slàinte gu bheil dùil aca an t-ionad a dhùnadh aig deireadh an Ògmhios.
Thuirt a' chompanaidh gur e droch staid an togalaich a th' air cùlaibh an co-dhùnaidh.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag obair gu dlùth le CrossReach a dhèanamh cinnteach gun tèid fiosrachadh a chumail ri luchd-còmhnaidh, teaghlaichean agus luchd-obrach, 's gur ann a chùm maith nan daoine a thèid planaichean a dhealbh.
Mì-chinnt
Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gun tèid àite ann an dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh a thabhann air gach neach a tha an-dràsta ann an dachaigh a' Bhugha Mhòir.
Chaidh innse dhan luchd-obrach a tha air cùmhnantan maireanneach gum faigh iad uile agallamh airson obraichean aig Home Farm.
Chan eil an luchd-obrach uile air cùmhnantan maireanneach.
Thuirt Àrd-Oifigeach nan Seirbheisean Coimhearsnachd aig NHS na Gàidhealtachd, Louise Bussell: "'S e àm brònach a tha seo do luchd-còmhnaidh, teaghlaichean agus luchd-obrach aig dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir, a th' air sàr-chùram a thoirt seachad do dhaoine anns an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois fad iomadh bliadhna.
"'S e am prìomhachas againn a bhith ag obair còmhla ri luchd-còmhnaidh agus na teaghlaichean aca gus dachannan ùra fhaighinn dhaibh a fhreagras air na feumalachdan cùraim agus sòisealta a th' aca.
"Tha sinn ann an dlùth-chonaltradh ri luchd-còmhnaidh agus an luchd-dàimh airson dèanamh cinnteach gun cumar fiosrachadh riutha fhad 's a leanas an obair seo.
"Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth còmhla ris a' choimhearsnachd ionadail agus luchd-compairt airson sealladh co-roinnte a leasachadh airson slàinte agus cùraim shòisealta san eilean.
"Fhad 's a chailleas sinn seirbheis riatanach a th' air a' choimhearsnachd a fhrithealadh gu math fad iomadh bliadhna, tha e fiù 's nas cudromaiche gun leasaich sinn ar cuid phlanaichean mu choinneimh dhùbhlan san àm ri teachd airson slàinte is cùraim-shòisealta air feadh an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois.
"Tha sinn an dòchas gum bi CrossReach an sàs anns na planaichean airson an ama ri teachd.
"Tha sinn an dòchas gun cùm an luchd-obrach aig a' Bhugha Mhòr orra a' toirt seachad cùraim aig àrd-ìre a chùm maith an luchd-còmhnaidh sa choimhearsnachd ionadail, co-dhiù biodh sin le NHS na Gàidhealtachd no compàirtiche againn.
"Obraichidh sinn gu dlùth còmhla ris a h-uile duine air a bheil seo a' toirt buaidh gus am pròiseas seo a stiùireadh."
Aithreachas Mòr
Thuirt CrossReach gun do dh'fhaillich air oidhirpean mòra slighe air adhart fhaighinn airson na dachaigh-cùraim.
"'S ann le aithreachas mòr a rinn bòrd ChrossReach an co-dhùnadh doirbh Dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir a dhùnadh," thuirt labhraiche às leth na companaidh.
"Tha àrd-luchd-obrach air a bhith ag obair còmhla ri NHS na Gàidhealtachd thar grunn bhliadhnaichean a chùm tuigse fhaighinn air na dh'fheumar a dhèanamh.
"Tha mì-chinnt fhathast mu choinneimh na tha an dàn do sheirbheisean slàinte agus cùraim-shòisealta do sheann daoine, 's chan eil slighe air adhart shoilleir cho-obrachail againn aig an ìre seo.
"Tha dragh oirnn nach eil an togalach a th' ann aig ìre tuilleadh, 's nach leig e leinn an cùram as fheàrr a thoirt seachad.
"Bha sinn an dòchas gun gabhadh an dachaigh-cùraim a thogail às ùr, ach leis an t-suidheachadh ionmhasail a th' ann, a' mhì-chinnt leantainneach a thaobh na tha a dhìth, agus dùbhlain a thaobh fastaidh, chan urrainn dhuinn seo a dhèanamh.
"Thèid airgead a thog a' choimhearsnachd mu choinneimh a' phlana sin a thoirt air ais dhaibh.
"Tha sinn an dòchas gun gabh an luchd-còmhnaidh uile a ghluasad gu dachannan ùra faisg air làimh, a rèir an cuid fheumalachdan 's mhiannan, 's gum faigh luchd-obrach sam bith a dh'iarradh cumail orra ann an obair-cùraim a fhreagras orra," thuirt iad.