Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Tha Ceann-Suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelenskyy air a ràdh gu bheil e a' cur sgioba de bhritheamhan eadar-nàiseanta ri chèile a rannsachadh eucoirean cogaidh a tha e ag ràdh a rinn saighdearan Ruiseanach. Tha oifigich ag ràdh gun deach mu 400 corp a lorg ann an sgìrean mu thimcheall air Kyiv a bha ann an làmhan nan Ruiseanach gu o chionn ghoirid.

Còmhdaichean Aodainn

On an-diugh chan fheum daoine ann an Alba còmhdach aodainn a chaith airson a dhol gu bainnsean no tìodhlacaidhean, no ann an àiteachan adhraidh eile. Tha còmhdach aodainn fhathast riatanach ann am bùithtean agus air còmhdhail phoblaich ge-tà. Mairidh na riaghailtean seo cola-deug eile.

Sràid Dhowning

Chaidh innse dhan BhBC gun deach càintean a chur air grunn dhaoine a bh' aig cruinneachadh ann an Sràid Dhowning an oidhche mus deach am Prionnsa Philip a thìodhlaiceadh. Cha robh am Prìomhaire an làthair. Chan eil Poilis Lunnainn ag ainmeachadh cò air a chaidh càin, airson an lagh aig an àm a bhriseadh, ach thuirt iad gun deach innse do dhaoine le puist-dealain o chionn ghoirid.

Port Rìgh

Bha daoine a' togail fianais ann am meadhan Phort Rìgh aig an deireadh-sheachdain an aghaidh a' cho-dhùnaidh aig a' bhuidhinn CrossReach, dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir anns a' bhaile a dhùnadh. Tha mòran air a bhith troimhe-chèile mun cho-dhùnadh, agus mun dòigh anns an deach a' chùis a làimhseachadh. Thèid 27 leapannan a chall nuair a dhùineas an dachaigh-cùraim, agus cha bhi an uair sin ach dà dhachaigh air fhàgail anns an Eilean Sgitheanach.

Easyjet

Thuirt Easyjet gun robh gainnead luchd-obrach a' ciallachadh gum b' fheudar dhaibh mu 100 seirbheis adhair a chur dheth an-diugh. Tha an aon thrioblaid aig British Airways. Tha iadsan air 10 seirbheisean a chur dheth. Tha aig daoine ri feitheamh deagh ùine aig puirt-adhair na dùthcha cuideachd, air sàilleabh nan trioblaidean. Tha dàil air an Eurotunnel cuideachd an-diugh air sgàth trèana a tha briste.