
Tha a' bhuidheann WISCK a' sireadh taice.
Tha buidheann dìon chat ann an Leòdhas a' sireadh taice às dèidh mar a chaidh còrr is 30 cait a lorg aig taigh ann am Brèascleit.
Bha an neach leis an robh iad air bàsachadh.
Tha Buidheann Taice Chat agus Phiseagan nan Eilean Siar (WISCK) ag ràdh gu bheil na beathaichean feumach air cobhair bheat is tha iad an dòchas taic fhaighinn bhon phoball.
Bha na cait, feadhainn cho òg ri sia mìosan de dh'aois gu feadhainn a tha gu math sean, air a bhith a' fuireach anns an taigh agus am measg nan togalaichean eile a bha air an làraich.
Chaidh fios a chur air a' bhuidhinn WISCK le nàbaidh a bha air a bhith a' toir bìdh do na cait.
Tha a' bhuidheann air cuideachadh agus taic iarraidh airson a bhith a' coimhead às dèidh nan cat.

Thuirt leas-chathraiche WISK Karen Cowan gu bheil an suidheachadh air cuideam mòr a chur air a' bhuidhinn.
"Tha an obair phractaigeach airson na cait a ghlacadh agus an gluasad dhan bheat agus dha na daoine a bhios a' coimhead às an dèidh a' dol a chur uallach mòr air na goireasan againn," thuirt i.
"Tha dùil air cuid de na cait ri piseagan agus tha dùl nach bi e fada mus tèid am breith."
Thuirt i cuideachd gur e am prìomhachas aca cobhair fhaighinn bhon bheat, agus nì iad cinnteach às dèidh sinn nach bidh cothrom aig na cait briodadh tuilleadh.