
Tha am Pàrtaidh Làbarach an Alba airson faraidhean bus is rèile a lùghdachadh.
Gheibh luchd-bhòtaidh an cothrom comhairlichean a thaghadh anns gach sgìre de dh'Alba, air an 5mh den Chèitean.
Am measg nam poileasaidhean ùra aca tha iad moladh cìs shònraichte a thogail air companaidhean mòra ola agus gas, agus taic airgid a bharrachd a thoirt do theaghlaich a tha a' strì.
Thuirt ceannard a' phàrtaidh Anas Sarwar gun robh uallach air riaghaltas ionadail agus nàiseanta a bhith dìon teachd a-steach muinntir na dùthcha.
Tha na Làbaraich a' feuchainn ri barrachd luchd-bhòtaidh a thàladh, às dèidh mar a thuit iad dhan treasamh àite, às dèidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus na Tòraidhean, aig na taghaidhean ionadail mu dheireadh ann an 2017.
Thèid an taghadh a chumail aig an aon àm sa tha cosgaisean bith-beò air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' sreap aig astar, le prìsean connaidh is cumhachd ag àrdachadh gu mòr, na prìsean 's na bùithean a' dol suas cuideachd agus atharrachaidhean air tighinn air Àrachas Nàiseanta.
Thuirt Mgr Sarwar: "Sann mu dheidhinn aon rud a-mhàin a tha na taghaidhean seo; an staing ann an cosgaisean bith-beò.
"Feumaidh gach pàirt den riaghaltas, bho chomhairlichean ionadail chun Prìomh Mhinistear agus am Prìomhaire, prìomhachas a thoirt gu bhith dìon suidheachadh ionmhais nam milleanan de dh'Albannaich.
"Anns an taghadh seo, cuiridh Pàrtaidh Làbarach na h-Alba cuideam mòr air staing cosgaisean bith-beò agus bheir sinn do mhuinntir na dùthcha an cothrom comhairlichean a thaghadh a bheir taic is dìon dhan coimhearsnachd a tha iad a' riochdachadh."
Cuideachd ann an manifesto nan Làbarach tha iad a' moladh cìs shònraichte a thogail, aon turas a-mhàin, air na companaidhean mòra ola agus gas.
Tha am pàrtaidh ag ràdh gun toireadh sin lùghdachadh de £600 sa chumantas air na tha daoine a cosg a bhith a' ruith nan dachaighean aca.
Tha iad cuideachd a' gealltainn gun rachadh £400 a thoirt seachad do theaghlaichean a bha ann an droch shuidheachaidhean a thaobh airgid, £100 a thoirt far cìsean uisge agus gun deadh faraidhean rèile a ghearradh airson 3 mìosan.
Thèid na bhòtaichean a chunntadh an là às dèidh an taghaidh, air Dihaoine an 6mh den Ghiblein agus tha dùil ri toraidhean nam bhòtaichean aig deireadh an là sin fhèin.
Tha àrdachadh mòr air tighinn air na h-àireamhan de dhaoine a tha air clàradh airson a bhith bhòtadh tron phost, le 22.5% de luch-bhòtaidh clàraichte a rèir na figearan as ùire.
Tha sin co-ionnan ri àrdachadh de 38.3% na coimeas ris a' bhliadhna ron sin, le Clàran Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gur e am pandemic as coltaiche a bhith air seo adhbhrachadh.