Leasachadh air seann Sgoil Bhorodail
Thathas an dòchas gun tòisich obair an ath-bhliadhna airson seann sgoil Bhorodail san Eilean Sgitheanach a' leasachadh airson dachaidhean a dhèanamh a bhitheas rim faighinn aig prìs reusanta.
Thèid an obair a thoirt air adhart tro Urras Ghleann Dail ann an com-pàirt le Urras Thaigheadas Coimhearnsachd.
Tha dùil gum bi seachd àiteachan-fuirich ùra air a chruthachadh le a bhith leasachadh togalach na sgoile fhèin, agus pàirt dhen fhearann mun cuairt.
Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.