
Bhàsaich Katrina Nic a' Ghobhainn an dèidh na tubaiste ann an 2019
Chuala cùirt gur e dràibhear, 28, a bu choireach ri bàs boireannaich an dèidh tubaist eadar dà chàr ann am Moireibh.
Bhuail Shaun Rothach, a bhuineas do Leòdhas, ann an càr Katrina Nic a' Ghobhainn, 76. air an A96 eadar Farrais agus Inbhir Narann sa Ghiblean 2019.
Aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu dh'aidich Rothach gun do dh'adhbhraich e bàs a' Bhean-phòsta Nic a' Ghobhainn, às a' Bhroch, le bhith a' dràibheadh gu cunnartach.
Thèid binn a chur air sa Chèitean.
Fianaisichean
Thuirt an neach-casaid, Owen Mullan: "Chunnaic luchd fianais an Izuzu (le Rothach aig a' chuibhle) a' dol gu slaodach agus mean air mhean tarsainn an rathaid a dh'ionnsaigh chàraichean a bha a' tighinn an taobh eile.
"Chaidh an carbad tarsainn an rathaid buileach agus bhuail e sa Pheugeot.
"Cha robh e follaiseach aig an àm carson a thachair seo.
"Tha iomadh beachd ann, ach 's e as coltaiche a thachair gun do thuit e na chadal, gun deach aire a thoirt far an rathaid, dh'fhàs e tinn gu h-obann neo gun robh e fo bhuaidh na dibhe neo dhrugaichean."

Thèid binn aig Shaun Rothach sa Chèitean
Chaidh a' Bhean-phòsta Nic a' Ghobhainn fhìor dhroch leòn.
Chaidh Rothach a sgèith chun an ospadail agus e air a ghoirteachadh mu a chasan.
'Aithricheas mòr'
San ospadal dh'innis Rothach dhan phoileas: "Leis an fhìrinn innse, chan eil cuimhne agam air na thachair.
"'S e a' chiad chuimhne a th' agam a bhith sa heileacoptair, am fear a bha a' coimhead às mo dhèidh, a bhith san ospadal agus am pian."
Chaidh a dhearbhadh gun robh 97mh de dheoch-làidir ann airson gach 100ml de dh'fhuil. 'S e an ìre laghail 50mg.
Ach, leis gun robh dàil ann mus deach deuchainn a dhèanamh, chuala a' chùirt gun robh a h-uile coltas ann gum biodh buaidh na dibhe na bu mhiosa air aig àm na tubaiste.
Thuirt neach-dìon Rothaich, Ronnie Renucci QC, gur e seo a' chiad chasaid a chuireadh air.
Thuirt am fear-lagha: "Chaidh iarraidh orm innse dhan chùirt cho garbh duilich 's a tha Mgr Rothach agus an t-aithricheas mòr a th' air gur e na rinn e a dh'adhbhraich am bàs."
Chuir am Morair Mathews dàil air binn a' dol air chun na h-ath-mhìos gus an tèid sealltainn ri aithisgean.