Dh'aontaicheadh cùmhnant £49m 'son leasachadh cala Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Dealbh neach-ealain air leasachadh cala SteòrnabhaighTùs an deilbh, Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Ìomhaigh neach-ealain air na tha san amharc do chala Steòrnabhaigh

Tha Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh air cùmhnant luach £49m a thoirt dhan chompanaidh einnseinnìridh McLaughlin and Harvey airson na h-ath ìre de phlana leasachaidh ghoireasan a' phuirt.

Thèid cala nas doimhne a dhèanamh ri taobh gàrradh Àranais agus thèid ionad a thogail air an làraich mu choinneimh baile Steòrnabhaigh.

Bidh goireasan ann do dh'iomadh roinn leithid soithichean gnìomhachas cumhachd na gaoithe air tìr agus aig muir, companaidhean àrach èisg agus companaidhean bathair.

Bidh e cuideachd comasach do bhàtaichean mòra turasachd ceangal ris a' chidhe ùr agus tha dòchas gun cuir seo gu mòr ri eaconamaidh thurasachd nan Eilean Siar.

Tha dùil gun tòisich an obair air a' phròiseact san beagan sheachdainnean air thoiseach agus gum bi e deiseil ro dheireadh 2023.

Bàta turasachd
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil dòigh aig bàtaichean mòra turasachd ceangal ris a' chidhe ann an Steòrnabhagh an-dràsta

Tha Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh air a bhith ag obair an co-buinn le Riaghaltas na h-Alba, Urras Futures na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar airson am pròiseact a thoirt air adhart san ceithir bliadhna a chaidh seachad.

Tha an t-ùghdarras cuideachd ag aithneachadh na cùl-taice a fhuair iad bho Oighreachd a' Chrùin an Alba agus Urras Steòrnabhaigh.

Thuirt cathraiche Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh, Murchadh Moireach, gur e toiseach "pròiseict eachdraidheil le comas cruth-atharrachadh a thoirt air eaconamaidh nan Eilean Siar" a th' anns a' chùmhnant a chaidh aontachadh.

Thuirt Mgr Moireach: "Fosglaidh an cala domhainn doras gu na h-eileanan do mhòran roinnean agus bheir e spionnadh do leasachadh a bharrachd san sgìre. Tha mar-thà mòran dhaoine air ùidh a nochdadh ann a bhith a' cleachdadh nan goireasan.

Cala Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Cala Steòrnabhaigh

"Chaidh obair mhòr a dhèanamh mar-thà airson an leasachadh seo a thoirt gu buil agus tha sinn air leth taingeil dhan a h-uile buidheann a tha a' cumail taic dhuinn.

"The eòlas mòr aig McLaughlin and Harvey san t-seòrsa obrach seo agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha.

"Tha an cùmhnant seo air aontachadh agus mi a' leigeil dhiom mo dhreuchd an dèidh 10 bliadhna air bòrd an ùghdarrais agus chan urrainn dhomh smaoineachadh air crìoch nas fheàrr air an obair sin," thuirt Mgr Moireach.

Spionnadh eaconamach

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' toirt seachad airgid mhòir mar iasadan airson leasachadh a' chala.

Thuirt Ruairidh MacAoidh, ceannard CnES, gur e clach-mhìle chudromach a th' anns a' phròiseact mhòr seo dha na h-Eileanan an Iar agus gum bi e mìorbhaileach a bhith a' faicinn na h-obrach a' dol air adhart.

"Faodaidh cothroman a bhith an cois a' phròiseict do ghnìomhachasan ùra, airson leasachadh air roinnean eile agus airson obraichean ùra ann an Steòrnabhagh agus air feadh na sgìre.

"Tha a' Chomhairle air leth toilichte gun do chuidich sinn ann a bhith a' faighinn a' chuid as motha den mhaoineachadh airson na h-obrach seo agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh agus buidhnean ionadail eile airson agus gum faigh sinn air a' bhuannachd eaconamach as motha fhaighinn às an leasachadh," thuirt Ruairidh MacAoidh.