Thuirt na Poilis air Ghàidhealtachd gum bi an A9 dùinte faisg air Alanais 'son deagh ghreis.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ri fìor dhroch thubaist anns an robh grunn charbadan an sàs.
Chaidh fios a chur thuca mun tubaist mu 12:40f.
Tha iad ag iarraidh air draibhearan slighe eile a ghabhail ma thèid aca air sin a dhèanamh.