Nochd fireannach ann an Cuirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh Dimàirt agus e fo chasaid gun robh e ri iasgach mì-laghail ann an sgìre ghlèidhte mara.
Dh'innis ceathrar dhan chùirt gum faca iad am bàta-iasgaich, Star of Annan ann an Sgìre Ghlèidhte Mara Ros an Iar air an 18mh là den Iuchar 2019.
Tha sgiobair an t-soithich, Alex Moireach à Leòdhas, a' dol às àicheadh nan casaidean.
Tha a' chùis a' leantainn.