
Tha Libearalaich Dheamocratach na h-Alba a' gealltainn cumhachdan a bharrrachd a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail mar phàirt de dh'iomairt a' phàrtaidh air thoiseach air taghaidhean comhairle na h-Alba air an ath-mhìos.
Tha taghadh ga chumail airson gach tè den 33 comhairle ionadail ann an Alba air a' 5mh là den Chèitean.
Tha na Lib-Deamaich ag iarraidh smachd a bharrachd a thoirt do chomhairlichean air rudan mar mhaoineachadh, còmhdhail, dealbhachadh, cumhachd agus taigheadas.
Thuirt ceannard a' phàrtaidh, Alex Cole-Hamilton, gu bheil cus phoileasaidhean air an stèidheachadh le ministearan ann an Dùn Èideann, "a tha fada air falbh bho bhuile nan co-dhùnaidhean aca".
Cuiridh e manifesto nan Lib-Deamach air bhonn madainn Diciadain, 's e a' gealltainn "atadh cumhachd a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail".
Bhuannaich na Lib-Deamaich 67 suidheachan anns na taghaidhean comhairle mu dheireadh ann an 2017 - an àireamh as lugha aca bho 1995.
"Thuirt Mgr Cole-Hamilton - a ghabh thairis mar cheannard bho Uilleam Rennie san Lùnastal 2021 - gun robh e airson "comhairlean iondail cumhachdach fhaicinn, a th' air an deagh ruigh, le miann rudan a dhèanamh".
Cumhachd a bharrachd do choimhearsnachdan ionadail
"Tha sin a' ciallachadh cumhachd a bharrachd a thoirt do choimhearsnachdan ionadail air leasachadh eaconomach, dealbhachadh agus còmhdhail, 's crìoch a chur air grèim an SNP air cumhachd, a dh'fhàg co-dhùnaidhean a thaobh obair-shòisealta, seirbheisean cloinne agus ceartas coimhearsnachd gan dèanamh le ministearan a tha fada air falbh bho bhuile nan co-dhùnaidhean aca.
"Tha na comhairlichean agus tagraichean againn dealasach mu na dh'fhaodas coimhearsnachd ciallachadh.
"Tha sinne a' faicinn a' chuid as fheàrr ann an daoine, agus tha sinn ag iarraidh a' chuid as fheàrr dhaibh.
"Mura h-eil rudeigin ag obair, bidh sinne a' dèanamh oidhirp a chur ceart."
Am measg ghealltanasan a' mhanifesto aca, tha siostam ùr a chur an àite cìs na comhairle, a thuilleadh air smachd a bharrachd do chomhairlichean air rèataichean iondail agus co-dhùnaidhean cosgais.
Cuiridh am manifesto an aghaidh Holyrood a bhith a' stèidheachadh phoileasaidhean airson seirbheisean ionadail, a' gabhail a-steach obair-shòisealta, seirbheisean cloinne, ceartas coimhearsnachd agus seirbheisean dibhe is droga.
Tha am pàrtaidh cuideachd ag ràdh gun obraich iad còmhla ri buidheann riochdachaidh nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, a chùm "lèirsinn ùr a dhealbhachadh airson chomhairlean ionadail, le cumhachdan ùra", a' gabhail a-steach ro-innleachd eaconomaich, còmhdhail, dealbhachadh baile agus maoineachadh airson taigheadais aig prìs reusanta.
Thuirt iad cuideachd gur ann aig ìre ionadail a bu chòir co-dhùnaidhean dealbhachaidh a ghabhail, seach a bhith air an cur bun-os-cionn le ministearan ann an Dùn Èideann.
Thèid na taghaidhean a chumail air feadh na h-Alba air an 5mh là den Chèitean, leis na bailtean gan cunntadh an ath-là aig 32 ionad sònraichte.