Ìsleachadh san àireamh dhaoine a tha gun dachaigh
A-rèir Riaghaltas na h-Alba cha robh ach 11 duine a bha gun dachaigh agus a' cadal a-muigh gach oidhche ann an 2020. Sin an coimeas ri 700 am bliadhna ron phandemic.
Tha àireamhan an riaghaltais a' sealltainn gun deach adhartas mòr a dhèanamh le àite-fuirich a lorg dha daoine a bha às aonais dachaigh.
Ach, tha cuid a' ceasnachadh cho freagarrach sa tha na dòighean a chleachd iad gus daoine a thoirt bho na sràidean, am measg eile.
Tha Eilidh Nicìomhair ag aithris.