Luchd-obrach a' Bhugha Mhòir fhathast an cosnadh

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir

Chuala coinneamh san Eilean Sgitheanach feasgar Diciadain nach tèid fios a chur air luchd-obrach dachaigh-chùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh, aig an ìre seo, gu bheil iad gam pàigheadh dheth.

Dh'innis a' bhuidhean CrossReach, a tha a' ruith an àite às leth Eaglais na h-Alba, sin don choinneimh, agus colla-deug ann bho dh'innis iad gu bheil an dachaigh gus dùnadh aig deireadh an Ògmhios.

Thuirt iad gu bheil iad a' feuchainn ri fuasgladh a lorg a chùm a' mhaith as fheàrr do luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh.

Tha coinneamhan air a bhith a' dol thar nan làithean a chaidh seachad feuch dòigh a lorg Bugha Mòr a chumail fosgailte beagan bhliadhnaichean eile gus an tèid dachaigh-cùraim ùr a thogail na h-àite.

Tha ceistean gam faighneachd a bheil dòigh idir ann gun gabhadh NHS na Gàidhealtachd os làimh e, mar a thachair le dachaigh-cùraim Home Farm sa bhaile.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad fhèin ag obair le buidhnean eile feuch am fuasgladh as fheàrr fhaighinn do luchd-obrach, luchd-còmhnaidh agus seirbheisean ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.