
Chaidh seachdnar bhall de chriutha iasgaich a shàbhaladh an dèidh do dhà bhàta-iasgaich bualadh na chèile eadar Leòdhas agus na h-Eileanan Fàrach.
Chaidh fios a chur air Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh aig 05:00m Diardaoin, ach fhuaireas fios 's iad an impis falbh, gun robh soitheach eile air an criutha a thogail.
Chaidh am bàta eile fodha.
Cha deach duine a leòn agus tha iad a-nis air an slighe air ais dha na h-Eileanan Fàrach.
Leis gur ann às na h-Eileanan Fàrach a tha an dà shoitheach, chan eil Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' coimhead ris a' chùis, ach tha iad air fios a chur air a' bhuidhinn a tha an urra ris a leithid anns an Danmhairg.