"Àm fìor dhuilich" do thurasachd

  • Air fhoillseachadh
Soidhnichean turasachd
Fo-thiotal an deilbh,

Tha turasachd gu h-àraid cudromach air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Tha ìmpidh ga cur air a' phoball taic a shealltainn do ghnothachasan agus tachartasan ionadail a tha a' strì a' tighinn a-mach às a' phandemic, ri linn is gu bheil nas lugha de luchd-turais eadar-nàiseanta ann.

Thàinig rabhadh bho VisitScotland gun toir e bliadhnaichean do thurasachd slànachadh, le teachd-a-steach sìos agus cosgaisean an-àirde.

A dh'aindeoin làithean-saora na Càisge, tha ceannardan turasachd ag ràdh gur e àm fhìor dhuilich a th' againn an-dràsta, gu h-àraid do ghothachasan ann am meadhan bhailtean.

Tha draghan mu Chovid, cogadh agus atharrachadh na gnàth-shìde uile a' ciallachadh gu bheil nas lugha de luchd-turais, gu h-eadar-nàiseanta, a' dèanamh an slighe a-null-thairis.

Tha cuid sa ghnìomhachas den bheachd gum bi teachd-a-steach 25% nas ìsle, an coimeas ri mar a bha ron phandemic.

Tha am fiosrachadh eaconamach as ùire a' sealltainn gu bheil turasachd agus bùithtean a' fulang, le teagamhan aig mòran mu mar a tha prìsean ag èirigh.

Tha VisitScotland a' cur ìmpidh air daoine tadhal air rudan a tha faisg orra, gus cuideachadh an cumail fosgailte.