Naidheachdan 11:00m
Imrichean
Thèid cuid a thig a Bhreatainn gu mì-laghail a' sireadh comraich a chur a Rwanda fhad 's a leanas am pròiseas fo aonta ùr a dh'fhoillsich an Riaghaltas. Fon phlana, thèid fir shingilte a chur dhan dùthaich ann am meadhan Afraga, agus thèid am brosnachadh an dachaigh a dhèanamh ann. Thuirt Comhairle nam Fògarrach gur e plana "borb agus mì-chneasta" a th' ann.
Boris Johnson
Tha ìmpidh a bharrachd ga cur air Boris Johnson a dhreuchd a leigeil dheth an dèidh càin a chur iar airson riaghailtean Covid a bhriseadh. Tha cathraiche Comataidh an Dìon aig Westminster, Tobias Elwood, ag iarraidh gun tèid bhòt cion-earbsa a chumail.
An Ucràin
Chaidh an criutha a thoirt far soithich cogaidh na Ruis far chosta na h-Ucràin an dèidh spreadhadh agus teine air bòrd. Thuirt oifigich Ucràinianach gun do bhuail dà urchair anns a'Mhoskva. Thuirt meadhanan stàite na Ruis ge-tà, gu bheilear fhathast a' rannsachadh dè bu choireach ris na thachair.
Iasgach Mì-laghail
Chaidh sgiobair an Star of Annan, Ailig Moireach, fhaighinn ciontach gun robh e ri iasgach mì-laghail aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh an-diugh. Bha Mgr Moireach fo chasaid gun robh e a' dreidseadh airson chreachainn ann an Sgìre Ghlèidhte Mara Thaobh Siar Rois. Thathar an-dràsta a' cnuasachadh air binn, ach dh'fhaodar càin suas ri £50,000 a chur air.
Steòrnabhagh
Thuirt Poileas Alba gun deach casaidean a chur air na h-uimhir de dhaoine òga ann an Steòrnabhagh gun robh iad ri dol-a-mach mì-shòisealta. Thuirt na Poilis gu bheil seo an co-cheangal ri aithrisean gun robh cuid de dh'òganaich a' bhaile gan giùlain fhèin ann an dòighean mì-mhodhail agus bagarrach. Tha iad a' rannsachadh aithrisean gun deach maoidheadh air daoine, gun deach togalaichean a mhilleadh, teintean a thòiseachadh agus gun robh cuid a' falbh air baidhseagal ann an dòigh chunnartach.