
Thug Shenzhou 12 triùir Shìonach dha na speuran ann an 2021.
Air a' chiad là de 2022, thug ceann-suidhe Shìona, Xi Jinping, teachdaireachd dha dhùthaich airson a' bhliadhn' ùr a chomhorrachadh.
Am measg nan cuspairean air an do thog e, bha mar a chomharraich Sìona 100 bliadhna bhon a bha Pàrtaidh Comannach na dùthcha air a stèidheachadh, mar a gheall mòran de dh'òigridh a bhith dìleas dhan phàrtaidh airson Sìona a neartachadh, agus mar a sheall luchd-spòrs na dùthcha neartan corporra air àrd-ùrlair eadar-nàiseanta. Iomadh clach-mhìle do Shìona anns an àm a chaidh seachad.
Ach cuideachd air an ainmeachadh bha amasan a bhios 's dòcha nas fhollaisaiche anns an àm ri teachd, seach ann an eachraidh a tha air a bhith air a chlàradh mar thà.
Thog Xi air triùir Shìonach a bha ann an fànais fhad 's a bha e fhèin a' bruidhinn. Bha iad ann an sin mar phàirt de dh'iomairt 'Shenzhou', a tha air a bhith na phàirt de bhith ag obair air amasan Shìona ann an fànais fad bhliadhnaichean.

Chaidh Yang Liwei dha na speuran ann an 2003 – a chiad fhear Sìonach a rinn a leithid riamh.
'S ann ann an 2003 a thug Shenzhou 5 Yang Liwei suas dha na speuran - a chiad fhear Sìonach a rinn an gnothach air faighinn ann riamh. Clach-mhìle gu dearbha airson dùthaich aig nach eil cead fiù 's tighinn air bòrd an stèisein fànais eadar-nàiseanta.
Bho thoiseach-tòiseachaidh a chleachd teicneòlas program 'Soyuz' an Aonaidh Shòibhiataich, chan eil ùidh na dùthcha ann a bhith a' dèanamh barrachd ann am fànais ach air fàs thar nam bliadhnaichean. Fo stiùir Xi Jinping, tha Sìona air cur gu mòr ris na bhios iomairtean fànais a' faighinn de dh'airgead.
A rèir an Dr Neil Rothach bho Oilthigh Ghlaschu - a tha na eòlaiche air poilitigs na dùthcha - 's e "cliù agus ìomhaigh" na dùthcha a tha air cùl seo.
Mar a thug na faclan aig Neil Armstrong air a Ghealaich sgeulachd nàiseanta dha na Stàitean Aonaichte, tha Sìona cuideachd ag iarraidh cur ri miotas na dùthcha le bhith a' ruigsinn nan amasan aca fhèin anns an àite air a bheil a h-uile duine a' coimhead, ach nach ruig a' mhòr-chuid - am measg nan rionnagan.
Ao-coltach ri bliadhnaichean a chaidh seachad - tha airgead prìobhaideach a-nis ceadaichte airson phròiseactan a chuireas ri ìomhaigh na dùthcha - fhad 's a tha am pàrtaidh a' gabhail ris na planaichean a tha sin. Mar a tha 'Space X' aig Elon Musk agus 'Blue Origin' aig Jeff Bezos aithnichte air an taobh an iar, tha 'Linkspace' agus ' i-Space' a' tarraing bratach nan Sìonach cuideachd.
Tha airgead a-nis a’ tighinn bho iomadh àite airson cur ri iomairtean na dùthcha.
'S e "dàn" facal a chluinnear gu tric ann an òraidean a' chinn-suidhe. Bhon a thòisich e na dhreuchd ann an 2013, tha Xi air amas cur ri neartan agus ìomhaigh na dùthcha an taobh a-staigh Shìona fhèin gu cultarail, agus air feadh an t-saoghail gu h-eaconomach agus gu poilitigeach.
'S e na thachras dha na speuran aon de na sgeulachadan a tha Sìona a-nis an dòchas a bhios ann an làmhan Shìona fhèin. Chan eil sin gu tighinn gun strì ge-tà.
Tha na speuran air an tuigsinn am measg mhòran dhùthchannan mar àite a' bhuineas do dhùthchannan anns a' chumantas. Ach, chan eil prìomh chumhachdan an t-saoghail gu tur air bòrd leis an fheallsanachd sin.
Tha Dòmhnall Dòmhnallach a’ leantainn mar a tha saidheans agus poilitigs a’ coinneachadh.
Dha na Stàitean Aonaichte, tha cothroman rannsachaidh, cumhachd agus armailteach ri am faighinn ann am beàrnnan nan speuran. Tha Sìona cuideachd mothachail air seo.
Seach a bhith a' cumail ri dòighean nan 'global commons' (mar a tha dùthchannan a' cleachdadh na mara), tha Sìona - coltach ri Aimeireaga - a' coimhead air na speuran mar àiteachan a tha ri am buannachadh.

‘S e “Tiangong” an t-ainm a tha air stèisean ùr nan speuran aig Sìona.
Tha Sìona an-dràsta ann am meadhan a bhith a' togail stèisein anns na speuran iad fhèin. 'S e "Tiangong" an t-ainm a tha air an stèisean ùr seo. Tha sin a' ciallachadh 'Lùchairt anns na sgòthan". Smuain agus dealbh gu math àrd do dhùthaich dha bheil eachdraidh a' putadh sgeul na dùthcha dha na speuran.
Do Xi agus do mhòran ann an Sìona, 's e dàn na dùthcha a th' ann a bhith ag èirigh agus ag èirigh a-rithist, a dh'aindeoin bheachdan eadar-nàiseanta.
Mar a dh'fheumas cumhachd Shìona a bhith ann an làmhan Shìonach a rèir Xi, 's e dàn a th' ann cuideachd gum bi na speuran ann an làmhan Shìonach, agus tha airgead agus misneachd aig Sìona airson sin a chur an gnìomh.
'S i a' cheist, dè a nì feadhainn eile mun chrìch ùir seo ann an poilitigs an t-saoghail gu dearbha, ach poilitigs nan speuran cuideachd.