"Grunn adhbharan" gun do chaill soitheach carago

  • Air fhoillseachadh
Bogsaichean carago air an call sa mhuirTùs an deilbh, Getty Images

Lorg sgrùdadh le Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara grunn adhbharan airson mar a chaill soitheach-bathair 34 bogsa-carago far chosta Ghallaibh.

Thuit an carago dhan mhuir ann an droch shìde, aig deireadh an Damhair an-uiridh.

Bha an soitheach-bathair an Francisca air a slighe bho Innis Tìle chun na h-Òlaind air an 31mh den Dàmhair an-uiridh.

Bha stuth am broinn a h-uile bogsa, ach aonan a-mhàin.

Cha deach duine a ghoirteachadh.

Fhuair Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara nach do thuig an criutha cho cunnartach 's a bha an droch shìde, leis gun robh iad cho cleachdte ris.

Chaidh lorg cuideachd nach robh an carago air a dhìon mar bu chòir, agus gun robh an stuth a bha ga cheangal air fàs meirgeach.