Noro-bhìoras san Ràthaig Mhòir

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha Uàrd 7C aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis dùinte do dh'euslaintich ùra, 's chan eil cead tadhal gun adhbhar riatanach, agus noro-bhìoras air sgapadh ann.

Tha cuideachd Uard 6C san ospadal dùinte le cùisean Covid-19 air an dearbhadh ann. Tha an uàrd sin cuideachd dùinte do dh'euslaintich ùra, le cead tadhail riatanach a-mhàin.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh air feadhainn a dh'fheumas tadhal air euslaintich san dà uàrd sin fios a chur orra ro làimh.

Tha iad ag iarraidh air feadhainn a thadhaileas deuchainn LFT a dhèanamh mus nochd iad aig ionad slàinte sam bith, 's gun tadhal mura h-eil sin a' dearbhadh nach eil Covid orra.

Chuir bòrd na slàinte cuideam air astarachadh sòisealta, nighe làmhan agus còmhdach aodainn a bhith air daoine air làraichean a tha leotha.

Thuirt iad gun robh iad duilich airson na buaidhe a tha na riaghailtean seo a' toirt air daoine.