
Tha Poileas san Eilean Sgitheanach ag iarraidh cuideachaidh bhon phobail ann a bhith a' lorg fear à Pàislig a tha a dhìth san sgìre.
Bha Daibhidh Mooney, 43, aig Loch Cluanaidh còmhla ri caraidean thairis air an deireadh-sheachdain airson a dhol a dh'iasgach.
Dh'fhàg e a charaidean mu 1.30f Didòmhnaich gun adhbhar agus chan fhacar bhon uairsin e.
Tha e 5 troigh agus 7 òirlich a dh'àirde, cumadh àbhaisteach le gruag ghoirid dhubh. Nuair a chunnacas mu dheiredh e bha seacaid dhubh Berghaus air, briogais uaine iasgaich, brògan-ruithe dubha agus ad chlòimheach bhuidhe.
Tha dragh air na poileas mu dheidhinn oir tha e gu math mì-nadarra do Dhaibhidh gun a bhith air bruidhinn ri a theaghlach no le caraidean san ùine a tha seo.
Ma tha fiosrachadh aig duine sam bith mu dheidhinn no ma chaidh fhaicinn bho 1.30f Là na Sàbaid, cuiribh fios gu Poileas Alba air 101 a' toirt seachad àireamh 2423 airson an 17mh den Ghiblean 2022.