Naidheachdan 11:00m

Ucràin

Thuirt oifigich ann am baile Lviv air taobh siar na h-Ucràin gun deach ochdnar a mharbhadh ann an ionnsaigh Ruiseanach. Tha aithrisean ann gun deach na h-uidhir eile a ghoirteachadh. Tha Lviv ga chleachadh mar shlighe dhan an iar dhan fheadhainn a tha a' teicheadh bhon chogadh air taobh sear na dùthcha agus gu ruige seo sheachainn am baile sin a' chuid is miosa dhen t-sabaid. Agus tha aithrisean ann gu bheil an Ruis gu math faisg air làn-smachd a ghabhail air port Mariupol sa cheann a deas.

Masgaichean

Chan fheum masgaichean an cleachdadh bho an-diugh ann an togalaichean poblach neo air goireasan còmhdhail ann an Alba. 'S i Alba an sgìre mu dheireadh den Rìoghachd Aonaichte a tha air cur às dhan lagh sin. Ach tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt comhairle air daoine a bhith faiceallach agus ma thogras iad masgaichean a chleachdadh fhathast gu saor-thoileach.

Sìona

Thainig dearbhadh bho na h-ùghdarrasan ann an Sìona air bas thriùir le coròna-bhìoras ann am baile Shanghai. Seo a' chiad uair bho 2020 a thug Sìona seachad dearbhadh air bàs le Covid. Tha Shanghai a' dol dhan cheathramh seachdain far a bheil muinntir a' bhaile fo òrdugh fuireach san dachaigh.

Boris Johnson

Cha do chuir Sràid Dhowning mòran suim ann an aithris anns an Sunday Times gun do ghabh Boris Johnson pàirt ann am pàrtaidh a bhrist riaghailtean a' ghlasaidh. Tha dùil gun tèid am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh ann an Taigh nan Cumantan a-màireach mu aithris gun robh e a' toirt seachad deoch agus a' lìonadh ghlainneachan aig a' chruinneachadh.

Fear a dhìth

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu fhear à Pàislig a bha anns an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain. Dh'fhag Daibhidh Mooney, a tha 41, a charaidean an dèidh dhaibh a bhith aig Loch Cluanaidh air Taobh Siar Rois tràth feasgar an-dè. Tha na poilis den bheachd gur dòcha gun do dh'fheuch e ri bus fhaighinn no dòigh eile air siubhal air ais a Phàislig ach chan fhacas sgeul air bho an uair sin.