Dràibhear làraidh a bhàsaich ann an tubaist air an A9 air ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Gòrdan InnesTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt teaghlach Gordon Innes gum biodh ionndrainn mòr air.

Dh'ainmich na poilis an dràibhear làraidh a bhàsaich ann an tubaist san robh còig carbadan an sàs air an A9.

Bhàsaich Gordon Innes, 58, à Inbhir Ghòrdain, aig làrach na tubaiste faisg air Alanais Dimàirt 12mh den Ghiblean.

Bha làraidh eile agus trì càraichean cuideachd an sàs san tubaist, ach cha robh na dràibhearan agus an fheadhainn a bha a' siubhal còmhla riutha feumach air cùram ospadail.

Ann am brath, thuirt teaghlach Mhgr Innes gum biodh ionndrainn mòr air.

Thuirt iad: "Bu mhath leinn taing a thoirt dha na càirdean agus na caraidean againn airson na taice a thug iad dhuinn aig an àm dhuilich seo."

Thuirt Poileas Alba gun robh an sgrùdadh a' leantainn feuch dè a dh'adhbhraich an tubaist a thachair beagan a tuath air ceann-rathaid Sgitheach mu 12:25f.