Naidheachdan 11:00m
Cogadh na h-Ucràin
Dh'iarr an Ruis air feachdan na h-Ucràin gèilleadh agus iomairt mhòr Ruiseanach a' tòiseachadh air taobh sear na dùthcha airson smachd fhaighinn air sgìre Donbas. Thuirt an Ruis gun do bhuail iad ann an còrr is mìle agus dà cheud targaid a-raoir le sligean agus rocaidean. Thuirt fear-labhairt do Riaghaltas na h-Ucràin, gun tèid aca air dìon a chur air an dùthaich le tuilleadh armachd bho dhùthchannan an taobh shiar.
Am Prìomhaire
Tha dùil gun iarr Boris Johnson an-diugh an leisgeul a ghabhail nuair a bhruidhneas e ri Taigh nan Cumantan airson a' chiad uair bho chaidh càin air airson laghan a' ghlasaidh a bhristeadh. Bidh na pàrtaidhean dùbhlanach a' faighneachd den Phrìomh Mhinistear an tug e a' char às a' phàrlamaid nuair a bha e a' cumail a-mach ron an seo nach deach riaghailtean a bhristeadh.
T&E
Tha an àireamh dhaoine a tha a' feitheamh nas fhaide na bu chòir airson cùram aig ionadan tubaist is èiginn ann an Alba aig an ìre as motha a-riamh. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa gun tèid sealltainn ri 95% an taobh a-staigh ceithir uairean de thìde ach thuit an àireamh sin gu beagan a bharrachd air 66% air an t-seachdain dhan deicheamh là den Ghiblean.
Pàrtaidh Alba
Tha Pàrtaidh Alba a' foillseachadh a' mhanifesto an-diugh airson nan taghaidhean comhairle air an ath-mhìos. Tha an ceannard, Ailig Salmond, ag ràdh gu bheil prìs àrd a' chonnaidh agus cosgaisean bith-beò a' ciallachadh gu bheil neo-eisimileachd na phrìomhachas do dh'Alba.
Bàs
Chaidh corp fhaighinn san Eilean Sgitheanach far an robh sgiobannan teasargainn a' coimhead airson gille sia bliadhna deug de dh'aois. Chaidh Will Clarke a dhìth bho dhachaigh ann an Àird a' Bhàsair ann an Slèite oidhche na Sàbaid. Thuirt na poilis nach eil coltas dad amharasach mun chùis.