Fear a chaidh a dhìth air fhaicinn an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Daibhidh MooneyTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Daibhidh Mooney air turas iasgaich air Ghàidhealtachd nuair a chaidh e a dhìth.

Chaidh dearbhadh gun deach duine a chaidh a dhìth air Ghàidhealtachd fhaicinn an Inbhir Nis Diluain.

Tha na poilis fhathast a' sireadh fiosrachaidh mu Dhaibhidh Mooney, 43, à Pàislig, a chaidh gu iar-thuath na Gàidhealtachd airson a dhol a dh'iasgach air deireadh-sheachdain na Càisge.

Bha Mgr Mooney aig Loch Cluanaidh còmhla ri caraidean ach dh'fhalbh e gun innse dhaibh mu 1.30 feasgar na Sàbaid.

Stèisean-rèile

'S dòcha gun ghabh e bus a dh'Inbhir Nis, oir chaidh fhaicinn aig stèisean-rèile a' bhaile mu 3.50 feasgar Diluain.

Tha e 5tr agus 7òir a dh'àirde le falt goirid dubh.

Nuair a chunnacas mu dheiredh e bha seacaid dhubh Berghaus, briogais uaine iasgaich, brògan-ruithe dubha agus bonaid bhuidhe air.

'S dòcha gur e hoodie shoilleir agus joggers ghlas a th' air a-nis.

Draghan

Tha na poilis gu math draghail mu dheidhinn is e neo-àbhaisteach do Dhaibhidh gun fios a chumail ri a theaghlach agus a charaidean mar seo.

Ma tha fiosrachadh aig duine, cuiribh brath gu Poileas Alba air 101 a' toirt seachad àireamh 2423 airson an 17mh den Ghiblean 2022.