
Chaidh an Ethical Shellfish Company a stèidheachadh bho chionn 12 bliadhna
Dh'innis companaidh maoraich ann am Muile gu bheil iad a' dùnadh an dorsan airson an turas mu dheireadh.
Thuirt an Ethical Shellfish Company, a thòisich ann an 2010, gun robh buaidh Covid agus Brexit am measg nan grunn adhbharan a tha a' fàgail nach urrainn dhaibh cumail a' dol.
Bha an Ethical Shellfish Company stèidhichte ann am Muile leis an amas a bhith ag iasgach airson maoraich ann an dòigh sheasmhaich, nach robh a' toirt droch bhuaidh air àrainneachd na mara.
Tha iad a-niste ag ràdh ge-tà gum feumadh iad na bàtaichean-iasgaich aca a reic ri linn cho beag de theachd-a-steach 's a bha aca tro mhìosan a' ghlasaidh, agus nach robh luchd-obrach Eòrpach rim faighinn ri linn riaghailtean ùra Bhrexit.

Am measg bathair na companaidh bha giomach air a ghlacadh ann an cliabh an uisgeachan na h-Alba
Thuirt a' chompanaidh gun robh fìor dhùbhlain air a bhith mun coinneamh sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh ach gur e am pandemic a' bhuille mu dheireadh dhaibh.
Thug Brexit buaidh mhòr orra cuideachd leis gun do dh'fhalbh an luchd-obrach Eòrpach aca.
Tha an t-àrdachadh anns na tha de dh'àitichean-fuirich do luchd-turais ann am Muile an dèidh Covid cuideachd air bualadh air a' ghnìomhachas.
Tha e a' fàgail gu bheil e nas duilghe buileach do luchd-obrach a thig chun an eilein àite a lorg far am fuirich iad, agus gun deach iarraidh orra fhèin an togalach sa robh an gnìomhachas fhàgail airson agus tèid taigh do luchd-turais a dhèanamh dheth.
Droch shìde
Thuirt a' chompanaidh gun deach an t-sìde nas miosa thairis air na 12 bliadhna on stèidhicheadh iad le gaoth nas motha ann a bha a' fàgail nach robh e comasach a dhol a dh'iasgach airson ùineachan mòr sa gheamhradh.
Chan eil teagamh orra, thuirt iad, nach e blàthachadh na cruinne as coireach.
Tha iad den bheachd cuideachd gur e droch riaghladh gnìomhachas an iasgaich, dòighean iasgaich a tha millteach do dh'àrainneachd na mara, mar dhreidseadh airson creachainn agus tràlaigeadh a tha fhathast ceadaichte ann an 95% de dh'uisgeachan na dùthcha, as coireach ris a' chrìonadh ann an stocan maoraich san fharsaingeachd.
Dh'innis iad ge-tà, ged a tha iad a' dùnadh na companaidh, gu bheil planaichean aca fhathast a bhith an sàs ann an gnìomhachas ceangailte ri dìon na mara.