Geàrr-chunntas sgrìobhte air naidheachdan 11:00m le faidhle-fuaim na chois.
Choinnich Boris Johnson ri buill-phàrlamaid Thòraidheach ro bhòt a-màireach air am bu chòir rannsachadh a bhith ann mu chasaidean gun do mheall e a' Phàrlamaid mu na pàrtaidhean aig Sràid Downing aig àm a' ghlasaidh. Tha e coltach gun tuirt e riutha aig a' choinneimh an-raoir gun bheil taghadh aca eadar esan agus riaghaltas Làbarach. Tha am Prìomhaire a' cumail a-mach nach tug e an car a dh'aona-ghnothach à buill-phàrlamaid nuair a thuirt e nach deach riaghailtean a bhristeadh. Chaidh càin £50 air Mgr Johnson an t-seachdainn seo chaidh son laghan Covid a bhristeadh.
Thuirt an Ucràin gu bheil aonta ro làimhe ann son slighe shàbhailte do dh'fheadhainn de na sìobhaltaich a tha glacte ann am port Mariupol. Thuirt leas-phrìomh-mhinistear na h-Ucràin gun leigeadh sin le boireannaich, clann agus seann daoine am baile fhàgail. Cha tàinig dearbhadh sam bith fhathast air an sin bhon Ruis. Agus thuirt an Ucràin gu bheil iad a' cur tilleadh, gu ruige seo, air an ionnsaigh mhòr Ruiseanach air taobh sear na dùthcha. Tha ceannardan dhùthchannan an taobh shiar a' gealltainn tuilleadh armachd dhan Ucràin, ach thuirt an Ceann-suidhe Zelensky nach eil e ceart gu feum an riaghaltas aige an taic sin iarraidh.
Tha na h-Eileanan Fàrach fo chasaid gu bheil iad a' cuideachadh na Ruis sa chogadh an aghaidh na h-Ucràin le a bhith a' toirt cead do bhàtaichean Ruiseanach a bhith ag iasgach anns na h-uisgeachan eadar iad fhèin 's Breatainn agus na puirt aca a chleachdadh. Tha riochdairean nan iasgairean agus luchd-poileataigs ann am Breatainn agus san Danmhairg ag ràdh gu bheil sin a' cuideachadh eaconamaidh na Ruis agus gum feum e stad.
Chaidh companaidh maoraich ann am Muile fodha agus 's iad a' cur coire am measg rudan eile air Covid agus Brexit. Thuirt an Ethical Shellfish Company cuideachd gu bheil na tha de dh'àiteachan-fuirich do luchd-turais ann am Muile ga fhàgail cha mhòr do-dhèanta do luchd-obrach àite fhaighinn anns am fuirich iad.