Sealg shionnach fon phrosbaig

Tha dragh air geamairean ann an Alba mu dheidhinn planaichean gus bacaidhean a bharrachd a chur air sealg shionnach le coin an Alba.

Fo na planaichean, cha bhiodh e ceadaichte ach dà chù a chleachdadh gus sionnach a lorg, ach a-mhàin ma tha cead sònraichte ann airson barrachd.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu neartaicheadh sin an lagh a th' ann agus gum biodh e nas soilleire, ach chan eil a h-uile duine ag aontachadh, mar a tha Nicole Mhoireach ag aithris ...