Obair àrc-eòlais faisg air Ulapul

Tha àrc-eòlaichean ann an Inbhir Lathail, faisg air Ulapul, air a bhith a' cladhach aig làrach seann mhuilinn agus iad den bheachd gun robh baile mòr ann aig aon àm.

Bha còir aig an obair tòiseachadh bho chionn greis, ach chuir Covid dàil air cùisean.

Thathar an dòchas a-nis tuilleadh de sheann Bhaile Bhlàir, a chaidh fhuadach anns an 19mh linn, a lorg.

Chaidh Anndra MacFhionghain ann gus tuilleadh fhaighinn a-mach …