
Thug Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba rabhadh seachad gu bheil fìor chunnart bho theintean anns na monaidhean eadar seo is Diluain.
Dh'iarr iad air daoine a bhith cho faiceallach 's a ghabhas.
Sgaoil a' bhuidheann rabhadh oifigeil, a' toirt a-steach na Gàidhealtachd is nan Eilean gu lèir agus an Ear-Thuath, is an cunnart aig an ìre as àirde tro phàirtean de dh'Earra-Ghàidheal is Loch Abar.
Thuirt an t-seirbheis le grian is blàths, gaoth an ìre mhath làidir is talamh a tha tioram, gum faodadh teintean sgapadh gu luath.
Dh'iarr iad air daoine a tha gu bhith air a' bhlàr a-muigh a bhith gu math faiceallach is an aire a thoirt le lasair sam bith.