
Tha CalMac air innse gun tòisich siostam thiocaidean ùr airson nan seirbheisean aca nas fhaide den bhliadhna.
Bheir seo an cothrom do dhaoine fòn-làimhe a chleachdadh airson nan tiocaidean aca, agus bidh e comasach diofar charbadan a chur air an aon tiocaid.
Thuirt CalMac gun tig an siostam ùr a-steach san Dàmhair.
Thuirt a' chompanaidh gun toir an siostam ùr barrachd roghainnean do luchd-ceannaich a thaobh mar a cheannaicheas is mar a chleachdas iad tiocaidean.
Tha an siostam ùr a' dol an àite siostaim a th' air a bhith ann air feadh an lìonra airson 25 bliadhna.
Bidh cothrom aig luchd-siubhail tiocaidean a chumail air fòn-làimhe, siostam ris an canar "bucadh-d".
Tha a leithid mar thà air a chleachdadh ann an cha mhòr 100 port air feadh an t-Saoghail.
Thuirt Àrd-Stiùiriche ChalMac, Robbie Druiminneach, gun toir an siostam ùr cruth-atharrachadh air an t-seirbheis aca do luchd-ceannaich, agus gun toir e barrachd sùbailteachd dhaibh.
Thuirt e gun deach co-dhùnadh a dhèanamh an siostam ùr a thoirt a-steach anns an Dàmhair gus mìosan trang an t-Samhraidh a sheachnadh.