Manifesto an SNP

  • Air fhoillseachadh
Nicola SturgeonTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cuiridh ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, manifesto a' phàrtaidh air bhog Dihaoine

Geallaidh an SNP "freagairt aig ìre a' phandemic" do dh'fheumalachdan choimhearsnachdan san iomairt aca air thoiseach air taghaidhean comhairle na h-Alba sa Chèitean.

Thuirt am pàrtaidh, a th' air a bhith san riaghaltas ann an Holyrood bho 2007, gu bheil iad an dùil "taic a thoirt do theaghlaichean tro amannan doirbh".

Foillsichidh Nicola Sturgeon am manifesto Dihaoine a tha a' gabhail a-steach ghealltanasan dèiligeadh ri mar a tha cosgaisean bith-beò ag èirigh.

Nam measg sin tha piseach a thoirt air èifeachdas cumhachd ann an dachannan agus togalaichean eile.

A thuilleadh air sin geallaidh iad:

Dìon a chur air sgeamaichean lùghdachaidh Cìs na Comhairle.

Maoin ùr "tar-ghluasaid phàrantach" gus dèiligeadh ris an cnapan-starra ionmhasail a tha mu choinneimh phàrantan a bhith a' tòiseachadh a dh'obair.

Barrachd shlighean coiseachd agus rothaireachd.

Maoineachadh gus cabhsairean, ceumannan agus slighean a chleachdas rothaichean agus luchd-coise a chumail an-àirde.

Agus planaichean fhoillseachadh airson na tha de chilemeatairean a shiubhlar ann an càraichean a lùghdachadh 20% ro 2030.

Thèid taghaidhean a chumail airson a h-uile tè den 32 comhairle an Alba air a' 5mh là den Chèitean.

Tha na taghaidhean a' tachairt aig an aon àm 's a tha cosgaisean bith-beò ag èirigh 's a' bualadh air na milleanan dhaoine air feadh na RA, le prìsean cumhachd is connaidh an-àirde gu mòr, a thuilleadh air prìsean sna bùithtean, agus Àrachas Nàiseanta.

Slighe-bhaighseagailTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha slighean-rothaireachd ùra gan gealltainn ann am manifesto an SNP

Tha dùil gun dèan ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, moladh air an oidhirp cho-fhaireachdainneil air feadh choimhearsnachdan na h-Alba gus cuideachadh a thoirt do theaghlaichean air a bheil mar a tha cosgaisean ag èirigh a' bualadh.

Nì i coimeas ri gnìomh choimhearsnachd tron phandemic, agus tha dùil gun can i gur e am pàrtaidh aicese a-mhàin aig a bheil plana mu choinneimh nan amannan duilich.

Canaidh Ms Sturgeon: "Tha taghaidhean comhairle an-còmhnaidh cudromach, ach tha am fear seo gu h-àraid èiseil.

"Nuair a smaoinicheas mi air an dà bhliadhna a dh'fhalbh - air mar a tharraing sinn uile le chèile an aghaidh mì-chinnt mhòir - tha fhios agam, le bhith ag obair còmhla agus leis a' cheannas cheart, gun tig sinn tro na dùbhlain a tha mu ar coinneimh an-diugh 's tromhpa gu là nas fheàrr.

"Chan eil dad nas lugha a dhìth oirnn san ùine air thoiseach oirnn na freagairt "Sgioba Alba" do na dùbhlain seo".

Thèid bhòtaichean a chunntadh an là an dèidh nan taghaidhean, Dihaoine an 6mh là den Chèitean, 's dùil gun tig toraidhean bhon 32 ionad-cunntaidh air feadh na dùthcha ro dheireadh an là.

Thàinig àrdachadh mòr air na tha de dhaoine air an clàradh airson bhòtadh tron phost, le 22.5% den luchd-bhòtaidh gu lèir air sin a dhèanamh bhon Dùbhlachd 2021.

Tha sin suas 38.3% air a' bhliadhna roimhe, le Clàran Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil coltas ann gur e am pandemic a bu choireach.