Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil dearbhadh aca air bàs 50 sìobhaltach ann am baile Bucha anns an Ucràin, agus coltas gur e an cur gu bàs a thachair do chuid dhiubh sin. Tha an UN ag ràdh gun d' fhuair iad còrr is 300 casaid gu lèir mu mharbhadh mì-laghail, agus gur dòcha gur e eucoirean cogaidh a th' annta.

Agus tha oifigeach Ucràinianach a' fàgail air saighdearan Ruiseanach gun do chuir iad cuirp shìobhaltach am falach ann an uaigh mhòir faisg air baile Mariupol. Tha coltas bho dhealbhan saideil gu bheil truinnsichean mòra ùra air an cladhach an sin.

Boris Johnson

Tha tuilleadh cuideim air Boris Johnson bho na cùl-bheingearan aige fhèin agus an t-àrd-Thòraidheach, Tobias Elwood, a-niste am measg na tha ag ràdh nach gabh bhòt cion-earbsa seachnadh. Thug Buill-Phàrlamaid cead an-raoir do rannsachadh air an do mheall am Prìomhaire a' Phàrlamaid mu na pàrtaidhean a bh' aig Sràid Dhowning aig àm a' Ghlasaidh.

Na h-Ìnnseachan

Rinn an Rìoghachd Aonaichte 's na h-Innseachan cùnradh malairt ùr airson dìon anns a bheil co-obrachadh eadar iad air itealain chogaidh ùra. Thuirt Boris Johnson, an dèidh coinneimh ann an Delhi leis a' Phrìomhaire Innseanach Narendra Modi, gu bheil dùil aige ri aonta malairt shaoir eadar an dà dhùthaich ro dheireadh na bliadhna seo.

Madeleine McCann

Rinn poilis ann am Portagail aithne fhoirmeil air cuideigin a tha fo amharas aca ann an cùis Madeleine McCann. Cha do dh'innis iad gu poblach cò a th' ann, ach tha e coltach gur e fear às a' Ghearmailt air an tug iad an t-ainm Christian B ron seo, agus a th' anns a' phrìosan an-dràsta airson eucoir eile. Chaidh Madeleine, a bha trì bliadhna de dh'aois aig an àm, a dhìth ann am Praia da Luz ann am Portagail ann an 2007.

CalMac

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' gluasad gu siostam ùr airson tiocaidean ro dheireadh na bliadhna seo. Leigidh an teicneòlas ùr le luchd-siubhail tiocaidean a ghlèidheadh air am fòn-làimhe. Thuirt CalMac gum faigh an luchd-obrach trèanadh gus nach bi trioblaid sam bith ann a' gluasad dhan t-siostam ùr.