Aiseagan Ìle - CMAL gan dìon fhèin

  • Air fhoillseachadh
MV Finlaggan
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid an MV Finlaggan a chur gu slighe eile nuair a bhios na soithichean ùra ann an seirbheis

Rinn companaidh nan aiseagan CMAL dìon orra fhèin a thaobh aiseagan ùra a thathas a' togail do dh'Ìle.

Bha Comataidh Aiseagan Mhuile is Ì air an càineadh.

Ach tha CMAL ag ràdh, am measg eile, nach eil e fìor gun robh an dà bhàta ùr a thèid a thogail san Tuirc a dhà uimhir cho cosgail ri bàta den aon mheudachd a thèid a thogail san aon ghàrradh do Nirribhidh.

Thàinig an MV Finlaggan gu seirbheis ann an 2010 air slighean Ìle, còmhla ris an MV Hebridean Isles.

Chan fhada bho dh'innis CMAL gun robh iad air cùmhnant aontachadh le gàrradh bhàtaichean san Tuirc gus dà bhàta ùr a thogail a thèid nan àite, agus an MV Finlaggan ga gluasad gu slighe eile.

Tha beachd a-niste air tighinn à Muile ge-tà, nach deach CMAL mun cuairt air a' ghnothach san dòigh cheart.

"Bha cothrom ann ceithir bàtaichean-aiseig beaga a' frithealadh Ìle, an àite na dhà nas motha, 's bha seirbheis fada na b' fheàrr air a bhith ann," thuirt Cathraiche Comataidh Aiseagan Mhuile is Ì, Joe Reade.

"A thaobh gach prìomh rud - clàr-ama, tricead, faid an là obrach, comas giùlain làraidhean mòra, seasmhachd an lìonra.

"Dà shoitheach a bharrachd a bhith sa chabhlach.

"Bha e air a bhith na b' èifeachdaiche a thaobh connaidh, bhon ghabhadh an clàr-ama atharrachadh a rèir an iarrtais a bhiodh ann," thuirt e.

Ann am brath a dh'fhoillsich a' chomataidh, thuirt iad cuideachd gun robh na bàtaichean dha CMAL a' cosg a dhà uimhir gach tè ri bàta a thathas a' togail dha Nirribhidh anns an aon ghàrradh san Tuirc.

Tha coltas ann gu bheil an soitheach sin a' cosg £32.5m.

Thuirt CMAL gu bheil na bàtaichean a thathas a' togail dhaibhsan £12m nas daoire na am bàta Nirribheach.

Tha iad ag ràdh ge-tà, gur e as coireach ri sin, gu bheil rudan aig na bàtaichean Albannach nach eil aig a' bhàta Nirribheach, agus gu bheil iad sin a' cosg barrachd na £12m.

"'S e an eismipleir as fheàrr, gum feum sinn a dhol aig 16.5 mìle mara san uair 's i a' seòladh, gus am bi na dh'fheumas sinn de sheòlaidhean ann," thuirt Àrd-Oifigear CMAL, Caoimhin Hobbs.

"Ann an Nirribhidh, leis an t-slighe a th' aca, chan fheum iad ach 13.5 mìle mara san uair.

"Ged nach eil an sin ach trì mìle mara san uair a bharrachd, tha a dhà uimhir de chumhachd a dhìth, bhon tha thu a' putadh soithich tron uisge. Tha sin leis fhèin a' cur £3m ris a' phrìs, thuirt e.

Ach tha muinntir Mhuile ag ràdh nach deach coimhead ris ann an dòigh fharsainn gu leòr.

"Chan eil guth air carson a dh'fheumas a h-uile soitheach san ro-shealladh aca, ge b' e a meudachd, a' cur feum air criutha de 27, mar eisimpleir," thuirt Mgr Reade.

"Chan eil guth air carson nach deach beachdachadh air a' chlàr-ama eadar-dhealaichte a dh'fhaodadh dà bhàta nas lugha a bhith a' ruith, a thaobh na dh'fheumte de chonnadh a chlàradh.

"Biomaid soilleir - b' e eisimpleir a' bhàt-aiseig Nirribhich, eisimpleir air mar a gheibhear toradh eadar-dhealaichte bho shiostam eadar-dhealaichte," thuirt e.

Ann an Nirribhidh thathas a' cur chùmhnantan airson bhàtaichean ùra a-mach gu tairgse.

A rèir CMAL ge-tà, chùm iad co-chomhairle mhionaideach le muinntir Ìle 's Dhiùra.

"Rinn sinn co-chomhairle gu math coileanta le Ìle agus Diùra, agus mar eisimpleir, bha iad gu daingeann ag iarraidh seirbheis bhìdhe air bòrd," thuirt Mgr Hobbs.

"Ma tha sin air bòrd, feumaidh tu criutha nas motha, bhon feumaidh tu daoine a nì am biadh, 's a fhrithealas am biadh, 's a ghlanas suas na dhèidh," thuirt e.

Thig na bàtaichean ùra gu seirbheis ann an 2024 agus 2025.