Iarrtas 'son àitichean Eileanach air aiseagan Mhuile

  • Air fhoillseachadh
Muile bhon aiseagTùs an deilbh, Eddy Lloyd/Geograph

Nochd iarrtas às ùr am measg choimhearsnachd Mhuile gun tèid àitichean a chumail air na h-aiseagan a bhiodh a-mhàin airson muinntir an eilein.

Tha iad ag ràdh gu bheil prìomhachas an-dràsta ga thoirt do luchd-turais a bhios mar as trice a' bucadh seachdainnean ro làimh.

Tha Comataidh Aiseagan Mhuile is Idhe ag ràdh ge-tà, nach urrainn do mhuinntir an àite sin a dhèanamh a h-uile turas a bhios aca ris an aiseag a chleachdadh.

Tha iad a' cumail sgrùdaidh le luchd-cleachdaidh an-dràsta airson dèanamh a-mach dè seòrsa taic a bhiodh ann do bhith a' cumail àitichean fa leth dhaibh.