Fear às Inbhir Ghòrdain a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Seacaid Phoilis

Tha na Poilis a' sireadh fireannaich a tha a dhìth ann an Inbhir Ghòrdain.

Cha deach Shaun Banner fhaichinn bho uairean beaga na maidne Disathairne, nuair a chaidh fhaicinn aig stèisean rèile a' bhaile.

Tha e 34, 5'7" de dh'àirde, 's e caol, le falt donn agus sùilean gorma.

Nuair a chunnacas mu dheireadh e bha briogais obrach uaine is donn air, seacaid "puffer" ghlas, geansaidh ghorm RSE agus brògan trèanaidh Nike Air max ghlas, purpaidh agus gorm.

Thuirt na Poilis gu bheil dragh orra mu shlàinte, agus dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu càite a bheil e fios a chur thuca.

Faodar sin a dhèanamh tron àireamh fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh cùise 2300 den 23mh là den Ghiblean 2022, no fios a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111.