Naidheachdan 11:00m

Thuirt Rùnaire nan Staitean Aonaichte, Antony Blinken, gu bheil mòran den chogadh anns an Ucràin a' faileachadh air an Ruis. Tha esan anns a' Phòlainn an-diugh an dèidh dha fhèin agus do Rùnaire Dìon nan Stàitean, Lloyd Austin, tadhal air a' Cheann-suidhe Zelenskyy ann an Kyiv an-dè. Gheall na Stàitean Aonaichte còrr is $700m eile do dh'armachd na h-Ucràin.

Ghlèidh Emmanuel Macron an dàrna teirm mar cheann-suidhe anns an Fhraing ged a fhuair Marine Le Pen, a sheas na aghaidh, an t-earrann as motha a-riamh den bhòt do phàrtaidh na fìor-làimhe deise aice. Gheall Mgr Macron muinntir na Frainge aonachadh agus dh'aidich e gun do bhòt mòran air a shon-san mar dhòigh air Ms Le Pen a chumail a-mach à cumhachd.

Tha an carthannas, Carers Scotland, ag ràdh gu bheil slàinte luchd-curaim a' fulaing le cosgaisean bith-beò. Tha rannsachadh a rinn a' bhuidheann ag ràdh gu bheil cha mhor 90% de dh'fheadainn a tha a' toirt seachad cùraim gun phàigheadh air a shon ag ràdh gu bheil eagal orra nach tèid aca air an dachaigh a theasachadh. Tha iad ag iarraidh air an dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airgead a chur mu choinneimh nan cosgaisean a tha a' tighinn air luchd-cùraim.

Tha fear an grèim fo amharas mu mhuirt ann an ceann a deas Lunnainn. Chaidh ceathrar a mharbhadh ann an sgìre Bermondsey an dèidh ionnsaigh sgeine. Thuirt na Poilis gum b' aithne an duine an fheadhainn a chaidh a mhurt.

Tha muinntir Mhuile ag iarraidh air Caledonian Mac a' Bhriuthainn cothrom nas fheàrr a thoirt do dh'eileanaich air tiocaidean a cheannach. Tha Comataidh Aiseagan Mhuile agus Eilein Idhe ag ràdh gu bheil prìomhachas an-dràsta aig luchd-turais a bhios mar as trice a' cur àitichean air dòigh seachdainnean ro làimh. Tha iad ag ràdh nach urrainn do mhuinntir an àite sin a dhèanamh a h-uile turas a tha iad airson seòladh air aiseag.