Murt Inbhir Narann: Poilis a' sgrùdadh eas-aonta dhealbhachaidh

  • Air fhoillseachadh
An teaghlach MhicUilleimTùs an deilbh, Teaghlach MhicUilleim
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Alasdair MacUilleim a mhurt air stairsich a dhachaigh fhèin an Inbhir Narann ann an 2004

Thuirt poilis a tha a' rannsachadh muirt bhancair ann an Inbhir Narann o chionn 18 bliadhna, gu bheil iad den bheachd gur dòcha gu bheil buaireadh dealbhachaidh cudromach san sgrùdadh aca.

Chaidh Alasdair MacUilleim a mharbhadh le gunna air stairsich a dhachaigh ann an 2004.

Tha na Poilis a-nis a' sireadh fiosrachaidh mu eas-aonta le taigh-òsta an Havelock a thaobh deacadh fiodha.

'S ann mu choinneimh dachaigh Mhgr MhicUilleim a tha an taigh-òsta.

Thàinig e am follais, làithean mus deach Mgr MacUilleim a mhurt, gun robh e air cur an aghaidh ùrlar-suidhe aig an taigh-òsta is dragh air mu sgudal agus fuaim.

Sna mìosan a dh'fhalbh shiubhail oifigearan a Chanada gus agallamh a dhèanamh le prìomh neach-fianais mu dheidhinn an deacaidh fhiodha.

Tha na Poilis a-nis ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mun eas-aonta tighinn air adhart.