Togalach fo shùil mhuinntir na Comraich

  • Air fhoillseachadh
Camus TearachTùs an deilbh, Trevor Wright/Geograph

Chaidh aontachadh aig coinneimh air a' Chomraich oidhche Luain gun tèid feuchainn ri seann togalach Eaglais na h-Alba a cheannach.

Ma thèid aig Companaidh Coimhearsnachd na Comraich air an t-airgead a thogail tha iad airson an eaglais aig Camas Tearach a leasachadh mar ghoireas coimhearsnachd.

"Ann an 2019 fhuair sinn a-mach gun robh Eaglais na h-Alba airson an togalach a reic, agus bha miann aig feadhainn anns a' choimhearsnachd an togalach a cheannach," thuirt Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach air a' Chomraich.

"Fo sgèith chompanaidh na coimhearsnachd chaidh sgrùdadh a dhèanamh an gabh e a dhèanamh, agus an-raoir bha bhòt againn agus bha a h-uile duine ag aontachadh gum bu chòir dhuinn a dhol air adhart leis a' phròiseas.

"Uidheamachd-lann"

"Tha plana a' dol a-steach gu Maoin Fearainn na h-Alba, agus an dàrna pàirt den rud feumaidh aonta a bhith air a ruighinn le Eaglais na h-Alba airson prìs an togalaich.

"Ma thèid an dà rud sin a choileanadh gu soirbheachail, bidh sinn a' gluasad air adhart," thuirt e.

Tha diofar bheachdan ann a thaobh na dh'fhaodar a dhèanamh leis an togalach.

"Anns a' chiad dol a-mach tha oifisean ann dha companaidh na coimhearsnachd, agus dhan sgeama AppleNet a tha a' ruith bann-leathainn dhan sgìre," thuirt Mgr Camshron.

"Bhiodh sin a' tachairt anns a' bhad cha mhòr.

"Anns an fhad-ùine bhiodh companaidh na coimhearsnachd a' coimhead air taigheadas," thuirt e.

Tha cuideachd beachd ann "uidheamachd-lann" a stèidheachadh ann, air am biodh cothrom aig a' choimhearsnachd.

"Tha seo na phàirt de sgeamaichean a th' air a bhith a' dol le rudan eile leithid AppleSeed far a bheil daoine a' fàs rudan - biadh is glasraich 's a h-uile rud - ach tha seo a' ciallachadh gu bheil sinn a' lùghdachadh na tha daoine a' cosg de chàrbon agus de dh'airgead cuideachd," thuirt Mgr Camshron.

"Chan fheum a h-uile duine na h-aon innealan a cheannach fad an t-siubhail, dìreach gum bi cruinneachadh dhiubh ann," thuirt e.