Naidheachdan 11:00m
An Ucràin
Thuirt Rùnaire Dìon nan Stàitean Aonaichte, Lloyd Austin, nach gabh leisgeul sam bith dèanamh airson ionnsaigh na Ruis air an Ucràin, no "dol-a-mach uabhasach" nam feachdan Ruiseanach, thuirt e. Tha Mgr Austin am measg mhinistearan dìon NATO agus dhùthchannan an Aonaidh Eòrpaich a tha a' coinneachadh anns a' Ghearmailt an-diugh a dheasbad tuilleadh taic armaichte dhan Ucràin.
Agus tha Àrd-Rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte, Antonio Guterres, ann am Mosgo airson còmhradh ris a' Cheann-Suidhe Putin, agus thèid e an dèidh sin dhan Ucràin. Ach tha an Riaghaltas ann an Kyiv mì-thoilichte gun deach Mgr Guterres dhan Ruis an toiseach.
Fiaclaireachd
Tha na figearan as ùire ag ràdh gu bheil cothrom air goireasan fiaclaireachd an Alba fhathast 40% nas lugha na bha ron phandemic. Tha Slàinte Phoblach na h-Alba ag ràdh gun do thuit tursan gu fiaclair gu mòr bho chòrr is 1,200,000 san Fhaoilleach ann an 2020 gu dìreach 8,000 sa Chèitean air a' bhliadhna sin nuair a dhùin na h-ionadan fiaclaireachd. Tha figearan a' Ghearrain am-bliadhna suas a-rithist gu còrr is 700,000, ach tha fiaclairean ag ràdh gu bheil mòran fhathast a' feitheamh ri leigheas.
Inbhir Narann
Thuirt poilis a tha a' rannsachadh murt a' bhancair Alasdair MacUilleim ann an Inbhir Narann ann an 2004 gum faodadh àimhreit mu chead-dealbhachaidh a bhith cudromach anns a' chùis. Chuir Mgr MacUilleim an aghaidh plana airson deacadh fiodha aig taigh-òsta mu choinneimh an taighe aige fhèin. Chaidh poilis a Chanada bho chionn ghoirid a bhruidhinn ri cuideigin an sin mun iarrtas dealbhachaidh.
Angela Rayner
Tha Leas-Cheannard a' Phàrtaidh Làbaraich, Angela Rayner, air a bhith a' bruidhinn gu poblach airson a' chiad uair mun chonnspaid a rinn artaigil anns a' phàipear-naidheachd am Mail on Sunday. Thuirt am pàipear gun tuirt Ball-Pàrlamaid Tòraidheach gun robh Ms Rayner a' feuchainn ri aire Bhoris Johnson a tharraing le bhith a' gluasad a casan mu choinneimh ann an Taigh nan Cumantan. Thuirt Ms Rayner, air a' phrògram telebhisein aig Lorainne Kelly air ITV an-diugh, gun robh dragh oirre dè shaoileadh daoine dhith nuair a chaidh an sgeulachd fhoillseachadh.
Gearainnean
Tha Riaghaltas na h-Alba air luchd-sgrùdaidh neo-eisimeileach fhastadh a bheir sùil air gearainnean an aghaidh mhinistearan riaghaltais agus feadhainn a bha nam ministearan. Tha sin an dèidh mì-làimhseachadh a rinn an Riaghaltas air gearainnean mu Ailig Salmond. Chaidh riaghailtean ùra a stèidheachadh anns a' Ghearran am-bliadhna airson dèiligeadh ri gearainnean mu bhurraidheachd, sàrachadh agus dìmeas.
Deuchainnean Sgoile
Tha deuchainnean sgoile air tòiseachadh a-rithist airson a' chiad uair bho thàinig am pandemic. Chaidh cur às do dheuchainnean àbhaisteach airson fad dà bhliadhna le comharran gan toirt seachad an àite sin eadar measadh bho na tidsearan agus tomhas air obair anns a' chlas.