
Bidh boireannach às a' Ghàidhealtachd am measg na bhios a' farpais nuair a thòisicheas iar-chuairt dheireannach a' phrògraim thelebhisein Masterchef oidhche Mhàirt.
Rugadh is thogadh Sarah NicFhraing ann an Inbhir Nis. Bhon a dh'fhàg i am baile, tha i air a bhith a' fuireach ann an Dùn Èideann, California, is a-nise ann an Ceann Rois.
Thuirt Sarah gu bheil a teaghlach is na h-àiteachan sin uile air buaidh a thoirt air na sgilean còcaireachd aice.
Ged a dh'aidich i gu bheil Masterchef uaireannan air a bhith gu math trom, thuirt i gu bheil e air a bhith sònraichte pàirt a ghabhail san fharpais.
Dh'innis i gu bheil i air bhioran mun iar-chuairt dheireannaich, is i ag ràdh gur e sùil às ùr a thoirt air a beatha tro staing Chovid a dh'fhàg gun do chuir i a-steach airson Masterchef.
"'S ann às Inbhir Nis a tha mi is tha mi moiteil às a sin ged a dh'fhàg mi am baile bho chionn fhada", thuirt Sarah.
"Tha mo mhàthair fìor mhath air còcaireachd is bha is mo sheanmhair is bhrosnaich iad mi gu mòr.
"Tro na glasaidhean, bheachdaich mi air mo bheatha - mar a rinn tòrr dhaoine - is smaoinich mi, tha mi gu bhith 50, carson nach fheuch mi air dùbhlan mar seo, agus seo sinn a-nise", thuirt i.
Chìthear mar a thèid le Sarah agus an còrr san iart-chuairt dheireannaich air BBC1 oidhche Mhàirt, is Diardaoin, is Dihaoine, is cuideachd air an iPlayer a' BhBC.