Uisge Spè "a' call uisge"

  • Air fhoillseachadh
Uisge SpèTùs an deilbh, Bill Kasman/Geograph

Tha athchuing air tòiseachadh airson uisge a chur air ais ann an Abhainn Spè.

Tha cuid de dh'uisge na h-aibhne ga thoirt a-mach àiste aig Loch Lagain, 's ga chur a Loch Abar, agus Srath Teimhil ann an Siorrachd Pheairt, airson dealan a chruthachadh.

Thathas an uair sin ga dhòrtadh air falbh ann an aibhnichean eile.

Tha sin a thuilleadh air uisge a bheirear às an abhainn airson uisge-beatha a dhèanamh, am measg adhbharan eile.

Seasmhachd

Tha an t-uisge sin na chall dhan Spè, a rèir bòrd iasgaich na h-aibhne, 's tha iadsan ag ràdh gu bheil an t-iasgach agus an àrainneachd a' fulang.

Tha iad air an athchuing a chur air dòigh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs.

"Tha uiread ri 91% den uisge uile a bheirear a-mach às an abhainn a-mach à sgìre ghlacaidh na Spè airson dealan a chruthachadh," thuirt ceannard a' bhùird iasgaich, Roger Knight.

"Cha thillear an t-uisge sin dhan Spè," thuirt e.

'S ann dhan Ghearasdan a tha 60% den uisge a thathas a' toirt às an Spè ga chur, airson dealan a chruthachadh don leaghadair aluminium.

Tha 25% dheth a' dol gu sgeama haidro Shrath Theimhil ann an Siorrachd Pheairt.

Tha cead aig na cleachdaidhean seo uile bho bhuidhinn dìon na h-àrainneachd, SEPA.

"A rèir na fhuair sinne, thairis air an deugachadh bhliadhnaichean bho stèidhichear na sgeamaichean haidro seo - a bha, nan là, nan euchd iongantach de dh'einnsinnìreachd - gu bheil iad air call a dhèanamh air Abhainn Spè le bhith a' toirt air falbh uisge na talmhainn," thuirt Mgr Knight.

"'S e an t-uisge sin a chumas an abhainn a' sruthadh tro amannan de thuradh," thuirt e.

Tha a' bhuidheann airson gun toir an Riaghaltas air na companaidhean haidro an t-uisge a cur air ais dhan abhainn.

Faiceallach

"Gum biodh na bu lugha de dh'uisge air a thoirt às an abhainn, agus barrachd ga chur ri craobh-aibhnichean gu h-àrd anns an t-srath, a bheir buannachd don abhainn air fad nas fhaide shìos.

"Dhèanadh sin an Spè nas seasmhaiche mu choinneamh nan dùbhlan gnàth-shìde agus bith-iomadachd a tha mu ar coinneimh uile," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil staid a' bhradain cudromach dhaibh, 's gu bheil iad ag obair còmhla ri bòrd iasgaich Abhainn Spè gus an t-iasg a dhìon.

Thuirt iad cuideachd gu bheil SEPA a' rannsachadh nan ceadan aig 34 sgeamaichean haidro ann an Alba, 's iad ag amas air leasachaidhean a thaobh ìrean uisge agus sruth nan aibhnichean.

Tha sgeamaichean haidro nam pàirt cudromach de phlana an Riaghaltais airson càrbon a chothromachadh san àm ri teachd.

Thuirt a' chompanaidh SSE a bhios a' cleachdadh 25% den uisge a bheirear às an Spè, gu bheil iad gu math faiceallach leis na tha iad a' cleachdadh, agus iad mothachail gu bheil na bliadhnaichean mu dheireadh air a bhith na bu thiorma air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde.

Thuirt iad gum bi iad a' sgur a tharraing uisge às an Spè nuair a tha ìre na h-aibhne a' tuiteam, 's a' leigeil uisge a-mach à Loch-tasgaidh Tromaidh.