
Chuir Bòrd na Gàidhlig romhpa gun ruig na meadhanan Gàidhlig millean duine gach seachdain.
Tha seo am measg amasan a tha a' nochdadh ann an Dreach Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28, taobh a-muigh.
Tha am plana sin a-nise fosgailte gu co-chomhairle.
'S e an ceathramh plana nàiseanta a bhios ann bho chaidh Achd na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2005.
Dh'innis am Bòrd gur e cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig an dà phrìomh amas a tha sa phlana.
Thuirt iad gu bheil iad airson is gun ruig na meadhanan Gàidhlig - a' gabhail a-steach nam meadhanan-sòisealta - millean duine san t-seachdain ro 2028 is iad ag ràdh gun cumadh seo taic ri "250,000 luchd-labhairt ùra na Gàidhlig".
Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil airson is gum bi "a' Ghàidhlig air a h-àbhaisteachadh san dachaigh, gu sòisealta agus san àite-obrach air feadh na dùthcha".
A thaobh foghlaim, tha iad ag amas, am measg eile, air an àireimh de sgoiltean Gàidhlig fa leth àrdachadh gu 16, is gun tèid barrachd ionadan tràth-bhliadhnaichean a stèidheachadh agus a bhrosnachadh.
Thathas cuideachd airson taic a bharrachd a chumail ri pàrantan le cloinn ann am foghlam Gàidhlig.
Coimhearsnachd
A thaobh choimhearsnachdan, tha am plana ag amas air barrachd taic a thoirt do dh'oifigearan Gàidhlig a tha ag obair aig ìre na coimhearsnachd.
Thathas cuideachd a' coimhead ri taic a thoirt do dh'urrasan coimhearsnachd agus buidhnean san treas roinn is am plana ag aithneachadh gu bheil iadsan ri obair chudromach a thaobh cleachdadh na Gàidhlig.
Tha sin a bharrachd air targaid gus coimhearsnachd air-loidhne na Gàidhlig a chuideachadh is a neartachadh, is am Bòrd ag ràdh gur e roinn a tha sin a tha a' sìor fhàs.
"Tha dhà no trì de theachdaireachdan làidir a tha sinn 'son a chur tarsainn", thuirt cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais.
"Gum buin a' Ghàidhlig do dh'Alba air fad, ach cuideachd gu bheil sgìrean thairis na dùthcha a tha cudromach dhan Ghàidhlig ann an iomadach dòigh, agus nach e an aon dòigh as urrainn obrachadh anns gach coimhearsnachd.
"Mar sin tha sinn a' cur a-mach a' phlana seo airson coimhearsnachdan iad fhèin beachdan làidir a chur a-staigh mu dheidhinn", thuirt i.
Sgoiltean
A thaobh sgoiltean ùra, thuirt a' Bh.Ph, NicAonghais gu bheil am Bòrd dòchasach gun tèid barrachd sgoilean fa leth Gàidhlig a chruthachadh.
Dh'innis i gum bi feum air co-obrachadh airson an targaid de 16 a thoirt gu buil.
"Tha atharrachadh mòr a dhìth a thaobh sin. Cha d'fhuair sinn gu deich (an t-amas a bh' aca sa phlana mu dheireadh), cha robh sinn uabhasach fada bhuaithe, ach tha sinn a' faireachdainn gu bheil iomairt gu math làidir a' dol a bhith a' dol air adhart agus gu bheil ùidh mhòr ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Feumaidh sinn obrachadh tarsainn air iomadach raon. An rud a tha gu h-àraidh cudromach nach e obair Bhòrd na Gàidhlig a-mhàin a th' ann a bhith a' toirt air aghaidh na Gàidhlig, agus gu seach àraid a thaobh foghlaim.
"Ged a tha Bòrd na Gàidhlig a' deisealachadh stiùiridh a thaobh foghlam Gàidhlig, chan e obair Bhòrd na Gàidhlig a th' ann idir a bhith a' cur air adhart an fhoghlaim.
"Ach tha faireachdainn ann gu bheil iarrtas mòr is ùidh mhòr ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, is mar sin tha sinn a' beachdachadh agus gu math dòchasach gum faigh sinn gu 16 thairis an ath chòig bliadhna", thuirt i.
Am measg rudan eile, tha am plana cuideachd ag amas air an tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air buaidh eaconomach na Gàidhlig, agus buaidh nas motha fhaighinn bho phlanaichean Gàidhlig.
Mairidh a' cho-chomhairle, taobh a-muigh chun 26mh den Iuchar.