Taghaidhean Comhairle: Sùil air an Loch a Tuath
Le na taghaidhean comhairle air fàire, tha sinn a' coimhead ri na tha a' tachairt sna h-Eileanan an Iar.
Tha dùil ri atharrachadh mòr air a' chomhairle ann an sin am-bliadhna.
Tha fios gum bi neach-gairm is ceannard ùr ann agus an fheadhainn a bh' ann roimhe air roghnachadh gun seasamh a-rithist.
Tha grunn chomhairlichean eile air co-dhùnadh falbh cuideachd.
Tha Ruaraidh Rothach air a bhith a' sìreadh bheachdan ann an sgìre-taghaidh an Loch a Tuath.