£20m de shàbhalaidhean aig NHS na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Rinn NHS na Gàidhealtachd luach £20m de shàbhalaidhean a dh'aindeoin buaidh a' phandemic.

Thug stiùiriche ionmhais a' bhùird, Dàibhidh Garden, am fiosrachadh do Chomataidh Sgrùdaidh Phàrlamaid na h-Alba madainn Diardaoin.

Ach tha sin fhèin £12m nas lugha na bha iad an dùil a shàbhaladh.

Thuirt e nach tug an sàbhaladh buaidh air ìre a' chùraim, ach gum bi dùbhlain romhpa fhathast le cùisean an airgid.