Connspaid an lioncs

Tha connspaid air nochdadh mu am bu chòir an lioncs a stèidheachadh a-rithist an Alba.

Cho-dhùin sgrùdadh mionaideach gum bu chòir an tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh gus coimhead air mar a ghabhas iadsan a tha amharasach mu na cait a riarachadh.

Ach tha fear a ghabh phàirt san rannsachadh ag ràdh nach eil na toraidhean idir a' sealltainn cho mì-thoilichte 's a tha cuid leis na molaidhean seo. Tha an aithris seo aig Calum MacLeòid.