Iomagain mu fhear a tha a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Derek HepburnTùs an deilbh, Poileas Alba

Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' sìor fhàs iomagaineach mu fhireannach a th' air a bhith a dhìth air a' Ghàidhealtachd bho Dhidòmhnaich.

Dh'innis oifigearan gu bheil iad a-nise air càr Derek Hepburn a lorg ann am pàirc chàraichean Dàm Loch Maol Àrdaich ann an sgìre Ghleann Canaich.

'S ann à Inbhir Narann a tha Mgr Hepburn, 54.

Thuirt na Poilis gu bheil iad den bheachd gur dòcha gun robh e an dùil Sgùrr na Lapaich a dhìreadh, ach nach eil fios le cinnt dè an t-slighe a bha e a' dol a ghabhail.

Tha Mgr Hepburn 6' 1", caol, le falt dubh.

Thuirt oifigearan gu bheil e gu tur a-mach às an àbhaist do Mhgr Hepburn gun a bhith a' conaltradh ri a theaghlach.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh brath a chur air na Poilis air 101 is àireamh 1812 27/04 a thoirt seachad.