Naidheachdan 11:00m
An Ucràin
Tha dragh air carthannas a tha ri cobhair anns an Ucràin gu bheil dithis à Breatainn a bha ag obair gu saor-thoileach dhaibh an grèim aig feachdan Ruiseanach. Thuirt Presidium Network gun deach an dithis a chur am bruid faisg air baile Zaporizhzhia ann an ceann a deas na dùthcha. Chan eil dearbhadh oifigeil ann air na h-aithrisean sin.
Thuirt Mosgo gun do chuir na feachdan aca às do dh'ionad a bha a' togail rocaidean fànais ann an Kyiv, prìomh bhaile na h-Ucràin. Thuirt Mèar a' bhaile, Vitaly Klitschko, gun deach co-dhiù aon duine a mharbhadh anns na h-ionnsaighean.
P&O
Tha na h-aonaidhean a' maoidheadh iomairt "blockade" aig ionad-aiseig P&O ann an Càrn Rìoghainn feasgar. Tha iad a' gearain air mar a chuir P&O luchd-obrach air beag-thuarastal an àite 800 den luchd-obrach a chaill an cosnadh. Tha P&O ag ràdh, mura b' e gun do rinn iad sin, gum biodh a' chompanaidh air a dhol fodha.
Eileanan Virgin Bhreatainn
Tha prìomhaire Eileanan Virgin Bhreatainn an grèim fo amharas mu chùilteireachd dhrogaicheana agus foill sna Stàitean Aonaichte. Chaidh Andrew Fahie a chur an grèim ann am Miami le poilis a' leigeil orra gun robh iad fhèin ri cùilteireachd chocaine.
Chivas Brothers
Tha companaidh an uisge-bheatha, Chivas Brothers, a' cur airgid mhòir an sàs ann an dà de na taighean-staile aca air Taobh Spè. Tha iad am beachd £80m a chosg air tuilleadh de mhac na braiche a dhèanamh ann an Obar Lobhair agus Miltonduff. Tha a' chompanaidh ag ràdh gun cuidich an leudachadh mu choinneimh iarrtais mhòir air uisge-beatha Albannach air feadh an t-saoghail.